Mitú
Mitú | |
Mapa a' bhaile | |
Sealladh air a' bhaile | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Coloimbia |
Roinn | Vaupés |
Àirde | 200m |
Co-chomharran | 01º 11' 54' Tuath 750 10' 24' Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 16,422 km² |
Àireamh-shluaigh | 28,382 (2005) |
Dlùths | 1.73/km² |
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
' S e baile beag ann an Vaupés, Coloimbia,[1] a th'ann Mitú. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig astar dhe 660km bho Bhogotá faisge air na coilltean-uisge anns an Amazon. Tha àirde meadhanach dhe 200m os cionn ìre na mara aige. ‘S e baile le cliomaid teth a th’ann le teodhachd meadhanach dhe 27˚, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1935.
Freumhan an Ainm
'S e ainm Tùsanach a th'ann Mitú. Tha am facal a' ciallachadh Paujil[2] (seòrsa dhe eun) ann an Yeral, cànan Tupi-Guaranaidh a tha ga bhruidhinn anns an sgìre.[3]
Sluagh a' bhaile
Ged a tha 28,382 nan tàmh anns a' bhaile, tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 15,361, a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin ‘ s e pàtran àireimh-shluaigh a th’ann fhathast ann am Mitú.
Taobh chinnidh, 's e Tùsanaich a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Mitú. ‘S e Tùsanaich a th’ann an 64.4%, daoine geala agus mestizos a th’ann an 33.9% agus tha 1.7% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 74.5% dhe na daoine ann an Mitú leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.4% dhe na dachannan.[6]
Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Mitú. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Iomraidhean
Ceanglaichean A-mach
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal